Sguaban Arbhair Lyrics

Runrig

Translate to

Bha mi raoir a′ siubhal drathair
'S thàinig dealbh do mo làimh
Dealbh mo sheanmhair is mo sheanair
′S balach òg na shuidh' ri 'n taobh

′S iad ag obair aig na sguaban arbhair
Shuidh mi g′an coimhead fad' na h-oidhch′
Thàinig cianalas na m' chridhe
′S thàinig cuideam na mo làimh

Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhi beò
Ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhi òg

Chan e aois a tha mi sabaid
Chan e mo bheatha nach eil slàn
′S e bhith fuireach ann a' saoghal maide
Le chuid dhaoin' nach tuig mo chainnt

Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhi beò
Ruith mu′n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhi òg

Dh′fhalbh mo sheanmhair is mo sheanair
Thuit na sguaban arbhair sìos
Dh'fhalbh mi gu saoghal eile
′S dh'fhalbh a′ Ghàidhlig bho mo bheul

Uair eile gu bhith dhachaidh
Uair eile gu bhi beò
Ruith mu'n cuairt na sguaban arbhair
Uair eile gu bhi òg
Uair eile gu bhi òg

View lyrics in other languages

Powered by musixmatch